BSGI a' comharrachadh a colà-breith

Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha an t-iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Nis air a dhol am meud bho dh'fhosgail an sgoil ann an 2007.

Bidh Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a' cumail cuirm oidhche Haoine a' comharrachadh 10 bliadhna bho dh'fhosgail i.

Mus do dh'fhosgail an sgoil bha foghlam tro mheadan na Gàidhlig ga thoirt seachad ann an aonad Gàidhlig ann am Bun-Sgoil a' Mheadhain anns a' bhaile, ach tha an t-iarrtas airson foghlam Gàidhlig air èirigh gu mòr bho dh'fhosgail an sgoil ann an 2007.

Thathas a-nis a' bruidhinn air an dàrna sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns a' bhaile 's an tè a th' ann glè fhaisg air a bhith làn.

Tha ceòl bho sgoilearan an là an-diugh agus an là an-dè, cleasan-teine agus barbecue am measg na th' anns an amharc aca airson colà-breith na sgoile a chomharrachadh.