Strì mu sheirbheis-adhair Steòrnabhaigh

Tha an dà chuid Loganair agus Flybe-Eastern air atharrachaidhean a ghealltainn airson tuilleadh luchd-siubhail a thàladh thuca fhèin 's iad le chèile a' ruith sheirbheisean a-nis eadar Steòrnabhagh agus Glaschu.

Choinnich an dà chompanaidh ri Comhairle nan Eilean Siar Diardaoin.

Thuirt Flybe-Eastern gun sguir iad a bhith a' toirt air luchd-siubhail pàigheadh airson bhagaichean mòra.

Aig a' cheart àm thuirt Loganair gum bi dà bhaga an-asgaidh ga thairgse leotha-san - agus gun cuir iad plèanaichean nas motha air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Glaschu nas trice.

Ged a tha an fharpais air prìsean a lùghdachadh air an t-slighe, bho thòisich an dà sheirbheis anns an t-Sultain, tha dragh ann nach gabh an dà sheirbheis a chumail a' dol.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile