Cead ga dhiùltadh airson àitean-fuirich

Dhiùlt Comhairle nan Eilean Siar cead a thoirt seachad airson àitean-fuirich ùra do dh'oileanaich ann an Steòrnabhagh.

B' e seo an dàrna tagradh aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean airson làrach fhaighinn far an togadh iad àite-fuirich airson suas ri 60 oileanach.

Tha iad ag ràdh gu bheil feum air tuilleadh àitean-fuirich airson fàs a thoirt air Colaiste a' Chaisteil anns a' bhaile.

'S ann mu choinneimh oifisean na Comhairle air Rathad Shanndabhaig a bhathas an dòchas an t-àite a thogail, ach thog gnìomhachasan faisg air làimh draghan gum faodadh sin maill a chur air an obair aca-san nan dèanadh oileanaich gearran mu fhuaim tron oidhche.

Chuir comataidh dealbhachaidh na Comhairle an aghaidh an iarrtais.

Thuirt UHI gum beachdaich iad fhèin, agus an luchd-leasachaidh aca, Cityheart, air làraichean eile sa bhaile a dh'fhaodadh a bhith freagarrach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile