CalMac ga chàineadh

An MV Isle of Arran
Image caption Tha Mgr MacAsgaill ag ràdh nach eil an Isle of Arran frearrach dhan t-slighe

Dh'fhàg fear-gnothachais à Uibhist air Caledonian Mac a' Bhriuthainn nach bi iad a' toirt feairt air a' choimhearsnachd nuair a tha iad ag atharrachadh nan clàran-ama aca.

Bha Tormod MacAsgaill a' bruidhinn 's cidhe Loch nam Madadh gu bhith dùinte airson seachdain bho Dhiluain airson atharrachaidhean a chur an sàs mu choinneimh a' bhat'-aiseig ùir ris a bheil dùil air an t-slighe an ath-bhliadhna.

Bidh an t-aiseag a' seòladh a-mach 's a-steach a Loch Baghasdail fhad 's a mhaireas an obair.

Tha Mgr MacAsgaill ag ràdh gun do thagh CalMac an t-seachdain a bu mhiosa den bhliadhna airson seo a dhèanamh, 's an Lord of the Isles gu bhith air falbh airson a h-obair-càraidh bhliadhnail, 's fèill mhòr ann an Loch Baghasdail Dimàirt seo tighinn.

"Mì-fhreagarrach"

Thèid an MV Isle of Arran a chur an àite an aiseig àbhaistich, an MV Hebrides, ach tha Mgr MacAsgaill ag ràdh nach eil an t-aiseag sin idir freagarrach.

"Chaidh a ràdh riutha gu math tric bho chionn bhliadhnaichean nach eil i freagarrach airson nan uisgeachan a tha seo ... nam bheachd-sa chan eil an seo ach "an slow boat to China".

Thuirt fear-labhairt bho ChalMac gur e leasachadh riatanach a tha seo aig cidhe Loch nam Madadh is gu bheil e a' tachairt aig àm nuair a tha bàtaichean a' dol airson obair càraidh bhliadhnail 's gun robh e a' fagail dùbhlan dha-rìribh aca.

Thuirt e gun deach an clàr-ama a chur ri chèile airson a' chuid mhòir den luchd-siubhail a riarachadh a' cleachdadh nan goireasan a th' aig CalMac.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile