Ministear ùr 'son cùram chloinne

Maree Todd Image copyright Pàrlamaid na h-Alba

Chuir Buill-Phàrlamaid Albannach taic ri tè de bhuill na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Maree Todd, a bhith na ministear ùr airson cùraim chloinne agus tràth bhliadhnaichean feasgar Diciadain.

Tha i a' gabhail àite Mark Dhòmhnallaich a dh'fhàg an dreuchd aig deireadh na seachdain an dèidh dha aideachadh gun robh e aig amannan air e fhèin a ghiùlain ann an an dòigh mhì-iomchaidh le boireannaich.

Bha Maree Todd ag obair mar neach-chungaidhean ann an NHS na Gàidhealtachd fad 20 bliadhna mus deach a taghadh sa Chèitean an-uiridh.

Thuirt i gur e urram a bh' ann dhi gun deach iarraidh oirre an obair a dhèanamh.

"Tha na tràth bhliadhnaichean cho cudromach ann a bhith a' toirt buaidh air an ath-ghinealach ann an Alba," thuirt i.