Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ioràn

Tha dùil gun gabh Dòmhnall Trump seasamh nas làidire an aghaidh Ioràn an-diugh, is coltas ann gu bheil Aimeireagaidh a' dol a tharraing a-mach às an aonta eadar-nàiseanta a tha a' cuibhreachadh prògram niùclasach na dùthcha sin. Bheir sin trì fichead latha do Chòmhdhail nan Stàitean Aonaichte co-dhùnadh an tèid smachd-bhannan eaconomaigeach a chur air Tehran a-rithist. Tha Breatainn, an Fhraing, a' Ghearmailt, Sìona agus an Ruis air a bhith a' coiteachadh airson an aonta a ghlèidheadh.

Brexit

Thuirt Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich gum feum Breatainn dearbhadh gun coilean i a gealltanasan ionmhasail chun EU mus urrainn còmhraidhean tòiseachadh mun dàimh a bhios eatorra às dèidh Brexit. A' bruidhinn ann an Luxembourg, thuirt Jean Claude Junker nach deach co-rèite ceart a lorg fhathast, agus leis an sin, gu bheil e eu-coltach gun aontaich a' Chomhairle Eòrpach gum faod na còmhraidhean gluasad chun na h-ath ìre nuair a choinnicheas iad an ath-sheachdain.

Èigneachadh

Chaidh fireannach aois naoi bliadhna deug thar fhichead a chur dhan phrìosan air binn beatha an-diugh airson mar a dh'èignich e aon bhoireannach agus mar a dh'fheuch e ri tèile èigneachadh ann an Glaschu, dìreach beagan làithean às dèidh dha faighinn a-mach às a' phrìosan. A' cur òrdugh cuibhreachaidh fad-beatha air Raymond Dempster, thuirt am britheamh gur math a dh'fhaoidte nach deadh a shaoradh gu bràth.

Rèile

Tha riaghaltasan Dhùn Èideann agus Lunnainn air a dhol a throd ri chèile mu mhaoineachadh airson seirbheisean rèile na h-Alba. Tha Roinn an Ionmhais ag ràdh gu bheil tabhartas de thrì puing a sia billean not fialaidh - ach tha Riaghaltas na h-Alba a' gearain gu bheil seo gam fàgail le easbhaidh de shia ceud millean not. Tha ministearan Bhreatainn ag ràdh gum faod Holyrood a' beàrn a lìonadh le bhith a' cleachdadh airgead a bharrachd a gheibh Alba mar thoradh air na thèid a chosg a' togail HS2 ann an Sasainn.

Weinstein

Tha an àireamh de bhoireannaich a tha ag ràdh gun deach an èigneachadh le Harvey Weinstein air èirigh gu ceathrar. Tha a' bhana-chleasaiche Rose McGowan - a thuirt roimhne seo gun robh Weinstein air sàrachadh-drabasta a dhèanamh oirre, a-nis ag ràdh gun do dh'èignich an riochdaire fiolmaichean i. Tha Mgr Weinstein a' dol às àicheadh nan casaidan.