Taic stàite air fàire do chumhachd ath-nuadhachail

Tha BP nan Eilean Siar air dearbhadh fhaighinn gu bheil Riaghaltas Bhreatainn air tagradh foirmeil a chur chun a' Choimisein Eòrpaich airson cead taic-airgid stàite a thoirt seachad gus cumhachd ath-nuadhachail a bhrosnachadh sna h-Eileanan Siar.

Thuirt Aonghas Brianan MacNèill gur e ceum gu math mòr a tha seo airson cumhachd ath-nuadhachail sna h-Eileanan, agus gu bheil e gan cumail air an t-slighe cùmhnantan a chur a-mach gu tairgse sa chiad chairteal de 2019.