Dreach ùr de phlana Gàidhlig na Comhairle

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Comhairle sireadh bheachdan air plana Gàidhlig

Tha Comhairle nan Eilean Siar air dreach de Phlana Cànain Gàidhlig 2018-22 a dheasachadh.

Chaidh an Dreach Phlana a chur a-mach gu co-chomhairle phoblach Dimàirt airson sia seachdainean.

'S e seo an treas dreach den phlana aig an ùghdarras ionadail.

Tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil iad ag amas air leudachadh a thoirt air an adhartas a rinn iad gu ruige seo.

Mèorachadh

Thuirt Cathraichte Comataidh Buileachaidh Comhairle nan Eilean Siar, John A. MacÌomhair gu bheil iad ag iarraidh air buidhnean Gàidhlig agus daoine aig a bheil ùidh sa chànan suil a thoirt air an dreach phlana air làraich-lìn na Comhairle.

A rèir a' chomhairliche MhicÌomhair: "'S e dreach, tha mi fhèin a' smaoineachadh, a tha gu math lèirsinneach agus gun gabh a choileanadh.

"Tha an còmhnaidh obair ri dhèanamh, agus 's e sin an t-adhbhar a tha sin a' dol air ais chun nan coimhearsnachdan agus chun nam buidhneanan air feadh na sgìre 's air feadh Alba gu lèir.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gun tèid meòrachadh a dhèanamh air na beachdan gu lèir mus tèid an dreach mu dheireadh den phlana a dheasachadh às dèidh a' cho-chomhairleachaidh.