Comhairle sireadh bheachdan air plana Gàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Comhairle sireadh bheachdan air plana Gàidhlig

11 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' sireadh bheachdan air dreach dhen phlana Gàidhlig aca airson 2018 gu 2020.

Chaidh an dreach phlana a-mach gu co-chomhairle phoblach Dimàirt airson sia seachdainean.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gum meòirich iad air na beachdan a gheibh iad air fad mus teid an dreach mu dheireadh dhen phlana a dheasachadh.