Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

BAE Systems

Dh'fhoillsich a' chompanaidh armachd BAE Systems gu bheil iad an dùl cur às do dh'fhaisg air 2,000 cosnadh. Bualaidh na gearraidhean as doimhne air raon adhair na companaidh, le 1,400 obraichean a' dol à bith. Bidh a' mhòr-chuid dhiubh sin aig làraichean Warton agus Salmesbury far a bheil itealain chogaidh Typhoon agus Hawk gan togail.

Spreadhadh

Tha fear a chaidh a ghoirteachadh ann an spreadhadh aig làrach choimearsalta ann an Siorrachd Lannraig a Tuath air caochladh san ospadal. Chaidh an duine a bha 23 a thoirt gu Ospadal Rìoghail Ghlaschu às dèidh an spreadhaidh ann an Newmains Diardaoin seo chaidh. Tha fireannach eile, aois 26, a chaidh a dhroch ghoirteachadh anns an tubaist, fhathast aig fìor dhroch ìre anns an ospadal.

Duin-mharbhadh

Dh'èirich àireamhan duin-mharbhadh ann an Alba airson a' chiad uair ann an seachd bliadhna. Sheall àireamhan airson na bliadhna gu deireadh a' Mhàirt gun deach 64 duine a mhurt no a mharbhadh le coire - suas sia air a' bhliadhna ron sin. A dh'aindeoin sin seo an dàrna àireamh as ìsle ann an 40 bliadhna.

NHS Taobh Tatha

Tha NHS Taobh Tatha fhathast a' fulang le trioblaidean ionmhais, a dh'aindeoin 's gu bheil iad air còrr is £37m a bharrachd fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba anns na còig bliadhna a dh'fhalbh. Ann an aithisg gu Pàrlamaid na h-Alba tha an t-Àrd-Neach-Sgrùdaidh, Caroline Gardner, ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gum bi am bòrd-slàinte faisg air £50m thairis air buidseat aig deireadh na bliadhna-ionmhais.

An SNP

Innsidh Nicola Sturgeon do cho-labhairt an SNP an-diugh nach eil partaidh sam bith eile san Rìoghachd Aonaichte cho dealasach do chùram chloinne. Cleachdaidh am Prìomh Mhinistear an òraid aice ann an Glaschu airson mìneachadh mar a thèid foghlam fo aois sgoile agus cùram cloinne a leasachadh, 's an Riaghaltas a' dol a dhùblachadh na tha iad a' cosg orra thairis air na trì bliadhna a tha romhainn.

Coirea

Agus tha e air aithris gu bheil creachadairean coimpiutair ann an Coirea a Tuath air fiosrachadh dìomhair a ghoid bho stòr-dàta armailteach ann an Coirea a Deas. Am measg na chaidh a ghoid bha plana airson Kim Jong Un a mhurt, agus na planaichean cogaidh as ùire aig Seoul agus Washington. Dh'aidich Minsitearachd Dìon Choirea a Deas nach eil fhios aca fhathast dè am fiosrachadh eile a chaidh a chreachadh.

Na h-Aiseagan

Niste, tha droch aimsir a' toirt buaidh air na h-uimhir de sheirbheisean aiseig an-diugh. Tha na seibheisean a leanas air an cur dheth:

Cha bhi seirbheisean sam bith an-diugh eadar an t-Òban agus Bàgh a' Chaisteil, no eadar Malaig agus Loch Baghasdail. Cha bhi seòlaidhean eadar Malaig agus Armadal gu co-dhiù 6:10f 's chan eil sin a' coimhead ach gu math cugallach. Tha seòladh an Loch Seaforth à Ulapul gu Steòrnabhagh aig 5:30f, tha sin a-niste air a chur dheth, cuide ris an t-seirbheis bathair à Steòrnabhagh gu Tìr-Mòr aig 10:30f. Agus mu dheireadh bidh an seòladh à Ceann na Creige gu Ìle aig 6:00f a-niste a' cur a-steach gu Port Àsgaig, agus chan ann Port Ilein.