Fèill sprèidh ga cur dheth

Margaidh Sprèidh Leòdhais is na Hearadh Image copyright Donald Lawson/Geograph

Cha tèid an fhèill a bha gu bhith aig Margaidh Sprèidh Leòdhais agus na Hearadh Diardaoin air adhart.

Chaidh a cur dheth chun na h-ath sheachdain air sgàth dragh mu dhroch shìde.

Tha eagal nach bi aiseagan a' ruith airson na beathaichean a dheadh a cheannanch fhaighinn gu tìr-mòr.

'S e seo a' chiad uair a-riamh a chaidh an fhèill a chur dheth.

"Chan eil Cal Mac a' dol a ghabhail stuic air na h-aiseagan eadar Steòrnabhagh 's Ulapul airson Diciadain, Diardaoin no Dihaoine," thuirt Cathraiche na margaidh, Coinneach MacLeòid.

"Agus leis gu bheil làithean-saora na sgoile ann aig deireadh na seachdain, 's dòcha nach fhaigheadh an stoc dheth gu toiseach na seachdain seo tighinn, agus mar sin, chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh an fhèill a chur dheth.

"Tha mi an dòchas nach toir e cus buaidh air croitearan, bhon tha an fhèill gu bhith ann Dimàirt seo tighinn. Mar sin chan eil ro fhada aca ri fheitheamh.

"Ach bhiodh trioblaidean ann nam biodh e air a chur a-mach 's dòcha seachdain no dhà, bhiodh trioblaidean mòra aig croitearan, air sgàth 's nach eil mòran feòir ann aig an àm seo den bhliadhna, tha an t-sìde a' fàs nas miosa, agus dhèanadh sin duilgheadas mòr dha croitearan," thuirt e.