Fèis Fighe Loch Nis a' tòiseachadh Dihaoine

knitter Image copyright Getty Images
Image caption Seo an dàrna bliadhna den fhèis.

Tha dùil ri còrr is 2,000 figheadair an Inbhir Nis an t-seachdain seo le Fèis Fighe Loch Nis a' tòiseachadh air an deireadh sheachdain.

Bidh trì là de bhùithtean-obrach agus taisbeanaidhean a' tòiseachadh Dihaoine.

Seo an dàrna bliadhna den fhèis agus thuirt Cecilia Grigor a tha an sàs ann a bhith ga cur air dòigh, gu bheil rudeigin ann 'son a h-uile duine.

"Tha daoine a' faicinn seo mar rud luachmhòr agus tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith cur fàilte air daoine agus sealltainn dhaibh bòidhchead na Gàidhealtachd.

Margaidheachd

"Chan urrainear àite nas fheàrr fhaighinn 'son a bhith ag ionnsachadh sgilean fighe".

Ann an Ionad Deigh Inbhir Nis bidh 40 gnìomhachas a' margaidheachd clòimhe agus rudan eile cò-cheangailte ri ealain 's bidh ceòl is taisbeanaidhean a' dol tron là.

Bidh bùithtean-obrach is eile a' dol eadar Ionad Chur Seachadan Inbhir Nis, Taigh Tasgaidh a' bhaile, agus Taigh-Òsta Mercure, le luchd-teagaisg a' tighinn bho fad is farsaing.

Nam measg bidh Hazel Tindal - an tè as luaithe fighe san t-saoghal.

Cruthachail

Thuirt i gur e rud iongantach a th'ann a bhith a' cruthachadh rudeigin cho àlainn le snàth.

"'Son ùine bha mi smaointinn gun robh fighe air a dhol a-mach à fasan, ach tha mi toilichte fhaicinn gu bheil barrachd is barrachd dhaoine a' gabhail ùidh ann.

Tha EventScotland a' cur taic ris an fhèis agus thuirt Ceannard na buidhne, Stiùbhart Mac an Tuairneir gur e deagh àite a th'ann an Alba 'son a leithid a chumail, leis a' chultair a th'againn co-cheangailte ri clòimh is fighe".

Bidh an fhèis a' ruith eadar an 13mh - 15mh Damhair.