Poileas Alba a' gealltainn oifigearan air sràidean Inbhir Nis a dhùblachadh

Meadhan Inbhir Nis
Image caption Bha deugairean a' dèanamh buaireadh air an Àrd-Shràid an Inbhir Nis air a' mhìos seo chaidh.

Gheall Poileas Alba gun tèid an àireamh de phoilis a tha ag obair làn-ùine ann am meadhan bhaile Inbhir Nis a dhùblachadh.

Tha seo a' ciallachadh gum bidh ochdnar oifigearan coimhearsnachd stèidhichte ann am meadhean a' bhaile ro dheireadh na mìos seo.

Thuirt Poileas Alba gun deach co-dhiù 500 uair de thìde a chur seachad le poilis air sràidean Inbhir Nis anns an t-Sultain 'son smachd fhaighinn air eucoir ann am meadhan a' bhaile.

'S e dol a-mach mì-shòisealta, drogaichean, is mèirle bho bhùithdean na rudan is trice a tha iad air a bhith dèiligeadh ris.

Buaireadh air na sràidean

Thuirt an t-Àrd-Inspectar Cailean Gough gu bheil deagh fhios aca cho cudromach 's a tha meadhan a' bhaile do dh'Inbhir Nis agus dhan chòrr den Ghàidhealtachd.

Thairis air an t-Samhradh bha grunn thachartasan le dol a-mach mì-shòisealta ann am meadhan a' bhaile, a chuir cais air luchd-gnothachais agus aig an aon àm, a chuir an t-eagal air daoine a bha a' tadhal air an sgìre.

A bharrachd air an ochdnar phoileas, bidh seargeant os an cionn 'son dèileagadh ri duilgheadasan sam bith.

"Chan urrain dhomh a ràdh cho cudromach 's a tha e gum bi Poileas Alba ag obair ann an co-bhonn leis a' phoball, le Comhairle na Gàidhealtachd, agus le gnìomhachasan san sgìre 'son an obair aca a choileanadh.

Piseach

"Tha mi earbsach gun tig piseach air cùisean anns a' bhaile".

Thuirt Pròbhost a' bhaile, Eilidh NicIlleMhìcheil, gu bheil diofar bhuidhnean air a bith ag obair leis na Poilis thairis air na seachdainnean a chaidh seachad, agus gu bheil an cò-obrachadh seo a' dol a leantainn 'son 's gum bi Inbhir Nis ri fhaicinn mar àite sàbhailte 'son fuireach agus obrachadh ann.

Chuir Cathraiche BID (Sgìre Leasachaidh Ghnothachais) Inbhir Nis, Peadar Strachan fàilte air an naidheachd gum bi barrachd phoileas air na sràidean.

"Tha gnìomhachasan air a bhith a' gearain 'son treis a-nis mun dol a-mach mì-shòisealta a tha daoine a' faicinn agus tha e tlachdmhor gu bheil piseach a' tighinn air cùisean".