Plana Gàidhlig Àrainneachd Eachdraidheil Alba

Caisteal Urchardain Image copyright Margaret/Geograph

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba a' sireadh bheachdan dhaoine air a' phlana Gàidhlig aca a thèid fhoillseachadh an ath-bhliadhna.

Fiachaidh am plana ri ceangalaichean a chruthachadh 's a' dhaingneachadh eadar sgoiltean agus na diofar làraichean a tha fon stiùir, agus tha iad cuideachd airson 's gun tèid barrachd Gàidhlig a chleachdadh aig na làirichean.

"Tha a' cho-chomhairle againn fosgailte gu deireadh an Damhair," thuirt Ruairidh Greumach, Oifigear Planaidh 's Leasachaidh na Gàidhlig aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

"Chì thu gealltanasan a th' againn airson Gàidhlig a chur air adhart, ceanglaichean le sgoiltean, agus ga chur air adhart cuideachd dha luchd-turais.

"Tha sinn a' faicinn gu bheil fianais ann gu bheil daoine a' tighinn a dh'Alba agus gu bheil ùidh aca ann an cultar na Gàidhlig agus anns a' chànan cuideachd.

"Agus tha sinn a' faicinn le stuth mar bhuaidh 'Outlander' gu bheil daoine air an tarraing a dh'Alba agus dha na làraichean againn air sàilleabh 's gu bheil cultar agus cànan na phàirt cho mòr de na làraichean againn.

"Tha sinn dìreach airson sin a chur an-àirde agus a thaisbeanadh cho math 's is urrainn dhuinn.

"Tha sinn a' cur fàilte air beachdan bho dhuine sam bith.

"Coimhearsnachd na Gàidhlig, luchd-labhairt na Gàidhlig, pàrantan le cloinn ann an sgoiltean Gàidhlig, tha sinn ag iarraidh cluinntinn bhuaibhse cuideachd.

"Cuideachd duine sam bith aig a bheil ùidh ann an Gàidhlig - chan fheum sibh a bhith a' bruidhinn a' chànain fhathast, ach 's urrainn dhuibh beachdan a chur a-steach air far a bheil sinn a' dol leis a' chànan agus na tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh.

"Bidh sin gu math cuideachail dhuinn, agus tha e gu math cudromach airson a' phlana dheireannaich againn," thuirt e.