Taigh-bainne ùr an Leòdhas

Glainne bhainne

Thathas an dòchas gum bi bainne ionadail ri fhaighinn ann an Leòdhas aon uair eile ann an ùine nach bi fada.

Tha fear air taobh siar an eilein air taigh-bainne a stèidheachadh - ceithir bliadhna bho dhùin am fear mu dheireadh san eilean.

Tha misneachd aige gun soirbhich leis a dh'aindheoin agus gu bheil an àireamh de thaighean-bainne air feadh na dùthcha air tuiteam gu mòr.

On dhùin Tuathanas Bainne Chnoc nan Gobhar ann an 2013 chan eil bainne ionadail air a bhith ri fhaotainn ann an Leòdhas.

Ach tha fear ann am Bràgair an dòchas gu bi bainne bhon chrodh Ghuernsey aige sna bùithdean ro dheireadh na mìos seo.

Cha d' fhuair Gòrdan MacAoidh taic-airgid phoblach airson an gnìomhachas a stèidheachadh, agus chosg e £500,000 den airgead aige fhèin air bàthach a thogail sa bheil rùm gu leòr 'son 60 beathach mairt, agus air uidheamachd bleòghainn agus giollachd.

Tha Comann Crodh Bainne na h-Alba ag ràdh gun do dhùin 16 taighean-bainne an-uiridh, ach tha Mgr MacAoidh misneachail gun soirbhich leis.

Tha planaichean aige 'son càise agus reòiteag a dhèanamh agus dh'fhaodadh gum bi obair ann do dheichnear aig a' cheann thall.