An A9 na 'rathad dealain'

Càr dealain

Tha Riaghaltas na h-Alba airson an rathad as fhaide ann an Alba a chomharrachadh mar "rathad dealain" fo na planaichean aca.

Tha seo mar phàirt de iomairt an riaghaltais 'son toirt air daoine an cùl a chur ri càraichean a tha a' ruith air peatral is dìosal a tha ag adhbhrachadh atharrachadh san aimsir agus a' truailleadh bhailtean.

'S e an t-amas a th'ann gum bi e nas fhasa do dhaoine le càraichean dealain siubhal air feadh na dùthcha.

Mar a tha cùisean an-dràsta, air gach ceann den earrann eadar Bun Ilidh agus Sgrabastal, chan eil ach aona inneal-teairrdsidh anns gach baile.

Ma tha carbad ceangailte riutha nuair a ruigeas draibhearan e, dh'fhaodadh iad a bhith a' feitheamh ùine mhòr.

Seallaidhean

Chan eil ministearan air dearbhadh fhathast dè cho tric 's a bhiodh goireasan teairrdsidh rim faighinn air an rathad, neo cò bhiodh a' pàigheadh 'son a leithid.

Thuirt Stiùiriche Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, Murray Fearghasdan gur e beachd-smuain math a bhiodh ann, ach nach bu chòir dha buaidh a thoirt air seallaidhean.

"Tha a' chuid as motha den A9 a' dol tron phàirc nàiseanta agus tha fios againn gu bheil luchd-tadhail agus muinntir an àite a' cur luach anns na seallaidhean.", thuirt e.

"Tha sinn airson 's gum bi goireasan math còmhdhail rim faighinn, ach feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun cùm sinn a' bhuaidh air cruth na tìre cho beag 's as urrainn dhuinn.

"Chan eil feum, nam bheachd-sa, air togalaichean mòra - feumaidh sinn a dhèanamh 'san dòigh as fhreagarraiche a ghabhas dèanamh.

Thuirt a' bhuidheann Còmhdhail Alba gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil an àireamh de chàraichean dealain a' dol an àirde agus gum feum leudachadh a thighinn air an àireamh de dh'innealan-teairrdsidh.

"Airson taic a thoirt dhan amas againn 'son cur às dhan fheum air càraichean peatrail is dìosail ro 2033, leanaidh sinn oirnn ag obrachadh le ar luchd-pàirt gus leasachadh a thoirt air an lìonra teairrdsidh thairis air a' phrìomh rathad, an A9, ga fhàgail mar a' chiad rathad dealain ann an Alba.