Rabhadh mu fhoill sna h-eileanan

Tha oifigearan ìrean malairt anns na h-Eileanan Siar air rabhadh a thoirt seachad mu luchd-foill a' cur fios air daoine agus iad ag ràdh gur ann bho Oifis nan Cìsean Nàiseanta a tha iad.

Tha iad ag innse do dhaoine nach eil iad air na cìsean aca a phàigheadh agus gu bheilear an impis a dhol dhan chùirt leotha.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gu bheil iad air fios fhaighinn mu ghrunn dhaoine a fhuair brath bho chuideigin a bha a' leigeil orra gun robh iad a' fònadh às leth an HMRC.

Innsidh iad do dhaoine gum feum iad na ceudan Notaichean ann an cìsean teachd-a-steach a phàigheadh agus gun deach dà litir rabhaidh a chur dhan phost mar thà.

Bidh an luchd-foill an uairsin a' maoidheadh gun tèid an gnothach gu ìre na cùirteach mura pàigh iad an t-airgead sin sa bhad thairis air a' fòn.

Ann an cuid de shuidheachaidhean tha an luchd-foill ag iarraidh air daoine airgead a ghluasad neo cairtean tiodhlaic a cheannach.

Thiurt Roinn Ìrean Malairt na Comhairle gu bheil iad gu sònraichte iomagaineach mun bhuaidh a dh'fhaodadh seo a thoirt air seann daoine leis gu bheil an luchd-foill a' cumail a-mach gur ann bho bhuidhinn oifigeil a tha iad a' fònadh.

Tha iad a' moladh do dhaoine a tha amharrasach gun deach oidhrip foill a dhèanamh orra fònadh thuca air 01851 822694.