Southend a' togail Cupa Billy MacNeil

Ball

'S e Southend a thog Cupa Billy MacNeil air an deireadh sheachdain.

Rinn iad a' chùis air Barraigh ceithir tadhail gu dhà.

Tha seachd bliadhna ann bhon a bhuannaich na Deasaich cupa mu dheireadh.

Thuirt Danaidh Steele, a tha a' cluiche ann am meadhan na pàirce do Southend, gur e geama cruaidh a bh'ann.

"Bha sinn uile a' cur a h-uile càil a-steach dhan gheama 'son a bhuannachadh.

"Tha mi smaoineachadh às dèidh 90 mionaid gur e sinne an sgioba a b' fheàrr sa' gheama.

Ceumanan air adhart

"Bha Barraigh math, ach tha Barraigh an còmhnaidh math, tha iad fiot, tha iad uile math air ball-coise.

Chan eil Southend air cupa a bhuannachadh bho 2010.

Agus thuirt Danaidh Steele gur e seo an seasan a b'fhearr a bha aig an sgioba ann am bliadhnaichean.

"An seasan seo, tha sinn a' dèanamh tòrr cheumanan air adhart agus gu h-àraidh 'son a' mhanaidsear againn.

"Cha b'urrainn dhasan a bhith an seo an-diugh, tha e ann an Glaschu.

"Chuir esan tòrr a-steach dhan sgioba agus b' esan an cluicheadair a b'fheàrr a cluich mise ris a-riamh.

"Agus ga bhuannachadh a-nis dhasan, bha sin cudromach an-diugh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo