Obair-càraidh air drochaid Dhòrnaich

Drochaid Dhòrnaich Image copyright Geograph / Ian R Maxwell

Thèid £1m de dh'obair-càraidh a dhèanamh air Drochaid Dhòrnaich air an A9.

Bidh an drochaid fosgailte, ach bidh casg astair oirre.

Thèid pìosan stàilinn ùra a chur air gach slighe den drochaid.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gun dèan seo cinnteach gum bi an drochaid sàbhailte anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

Thòisich an obair Diluain agus tha dùil gum bi i ullamh as t-Earrach.

Thuirt Bear Sotland a tha a' dèanamh na h-obrach, nach bu chòir gun toir an obair cus buaidh air daoine a tha a' siubhail nan rathaidean.

Bidh an rathad fosgailte, ach bidh casg astair de 30 mìle san uair air dràibhearan.