Iasg marbh an loch ann an Leòdhas

Chaidh dragh a thogail ann an Leòdhas mu aithrisean gu bheil àireamh gu math mòr de dh'iasg mharbh à tuathan èisg a' milleadh na h-àrainneachd.

Dhearbh Marine Harvest gu bheil duiligheadasan air a bhith aca le slàinte an èisg agus gu bheil iad a' feuchainn ri dèiligeadh ris a' ghnothach.

Thathar a' tuisgsinn gu bheilear a' falamhachadh làn làraidhean de dh'iasg mharbh à tuathanasan èisg ann an sgìre Loch Èireasoirt a h-uile là.

Chaidh dragh a thogail mu fhàileadh èisg a' grodadh ris a' chladach agus dragh mu shlàinte a' phobaill.

Bhìoras

Tha am BBC a' tuigsinn gur e bhìoras baictìridheach san uisge a tha a' toirt buaidh air iasg nach eil comasach air galairean a shabaid.

Tha seo a chionn 's gu bheilear uair is uair a' cumail a' bhìdh bhuapa mus tèid cungaidhean a thoirt dhaibh airson mhialan.

Thuirt Steve Bracken bho Mharine Harvest gun robh grunn dhuilgheadasan air a bhith aig a' chompanaidh le slàinte an èisg ann an Loch Èireasort.

Thuirt e gun robh a' chompanaidh air a bhith a' dèanamh na b' urrainn dhaibh airson na trioblaidean a cheartachadh.

Thabhainn iad leisgeul airson nan duilgheadasan.