"Adhartas" a thaobh Aonta nan Eilean

Eileanan

Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh, Cè MacIlleDhuinn, gu bheil adhartas ga dhèanamh le planaichean airson Aonta nan Eilean.

Bhiodh seo coltach ris na h-aontaichean baile a rinneadh airson bhailtean agus sgìrean air feadh na Rìoghachd Aonaichte, Inbhir Nis nam measg, a tha ag amas air fàs eaconamach maireannach agus obraichean a chruthachadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh is Comhairle Shealtainn a' bruidhinn ri ministearan mu na dh'fhaodadh a bhith san aonta.

Fhuair baile Inbhir Nis agus an sgìre mu thimcheall cùmhnant luach £300m.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar na bu tràithe an t-seachdain seo gu bheil dùil aca na milleanan Notaichean de dh'airgead-chalpa fhaighinn tron aonta.

Dh'innis Fear-Gairm an ùgharrais, Tormod Dòmhnallach, gum bi cothrom ann leasachadh a dhèanamh air bun-structar nan Eilean Siar gu lèir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile