Southend is Barraigh an Cupa Billy McNeill

Ball

Thig seusan a' bhuill-coise ionadail anns na h-Eileanan an Iar gu ceann Disathairne le cuairt dheireannach Chupa Billy McNeill ann an Uibhist.

Thèid Southend an aghaidh Bharraigh aig Lionacleit.

Tha na sgiobaidhean air a bhith a' frasadh nan tadhal a-steach air an t-slighe dhan chuairt dheireannaich.

Rinn Southend a' chùis air Uibhist a Tuath 5-0 is air Beinn nam Fadhla 4-1.

Thug na Barraich pronnadh air Èirisgeigh 7-1 san iar-chuairt dheireannaich.

Le Saints an Iochdair air an lìog a bhuannachadh, bidh Southend is Barraigh ri chèile ag amas air a' chupa is an seusan a chrìochnachadh le duais.

Chan eil Southend air cupa a bhuannachadh bho 2010.

Tòisichidh an geama aig Lionacleit aig 1:30f.