Obair mhòr sa Ghearraidh Chruaidh

A' Ghearradh Chruaidh.

Tha Urras Steòrnabhaigh air obair-leasachaidh luach còrr 's £3m a chur romhpa aig Caisteal Leòdhais.

Tha iad an dòchas an obair a dhèanamh ann an dà phàirt.

Sa chiad dol a-mach, thèid obair a dhèanamh air Loidse Fear a' Bhàta agus air a' bhalla a tha timcheall air a' chladach aig Ceann a' Bhàigh.

Bidh obair ga dèanamh cuideachd air a' Bhalla Bastian timcheall a' chaisteil, agus anns an lios air cùl a' chaisteil.

Mar phàirt den chiad phìos den phròiseict cuideachd, thèid obair a dhèanamh air staranan timcheall an togalaich, is obair drèanaidh.

Ma tha airgead air fhàgail, thèid an t-àite a sgeadachadh, thèid craobhan a chur is bidh tuilleadh obair drèanaidh ann.

Tha an t-Urras a' toirt cothrom do chompanaidhean às na h-eileananan farpais 'son na h-obrach.

Ùidh

Thathas ag iarraidh ùidh a shealltainn anns na roinnean den obair a tha iad ag iarraidh.

Thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, nach eil seo uile ach na phàirt de phròiseict nas motha.

"Tha plana eile a' dol airson coimhead ris a' Ghearraidh Chruaidh air fad", thuirt Mgr MacÌomhair.

"Tha sinn an ìre mhath deiseil cur às dha lethid an rhododendron, ged a bhios an obair sin a' leantainn airson bliadhna no dhà eile.

"Tha sinn a' coimhead ri obair-leasachaidh ùr, ri piseach a thoirt air na staranan is na rathaidean is feadhainn aca air a dhol air ais.

"Fiosrachadh mun Ghearraidh Chruaidh, craobhan a chur anns na h-àiteachan a tha a-nise bàn.

"Ma 's e is gun soirbhich le sin, bidh sinn a' coimhead ri pròiseict a bhios a' dol air adhart fear às dèidh fir gus am faigh sinn a' Ghearraidh Chruaidh ann an dòigh mar bu mhiann le daoine, agus nas coltaiche ris mar a bha e nuair a bha am Morair Leverhulme ann."