Astar a' toirt buaidh air diagnòsas aillse

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Fhuair sgrùdadh air euslaintich le aillse ann an ceann a tuath na h-Alba gu bheil feadhainn a tha a' fuireach còrr is uair de thìde air falbh bho ospadal mhòr a' faighinn dearbhadh air na tha ceàrr orra agus leigheis nas luaithe na daoine a tha a' fuireach cairteal na h-uaireach air falbh.

Ach fhuair an sgrùdadh, a rinn Oilthigh Obar Dheathain, nach robh leigheis nas luaithe a' ciallachadh gun robh na h-euslaintich sin nas buailtiche faighinn seachad air an tinneas.

Tha euslaintich a tha a' fuireach còrr is uair de thìde air falbh nas dualtaich bàsachadh taobh a-staigh bliadhna na feadhainn a tha faisg air ospadal.

Thuirt luchd-rannsachaidh gu bheil barrachd obrach a dhìth 'son faighinn a-mach a bheil astar bhon dachaigh a' toirt buaidh air an t-seòrsa leigheis a tha euslaintich a' faighinn.