Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Tòraidhean

Tha Grant Shapps, a bha na Chathraiche air na Tòraidhean, ag ràdh gu bheil mu 30 de Bhuill-Phàrlamaid Tòraidheach ag iarraidh air Theresa May a dreuchd fhàgail. Thuirt e gu bheil feadhainn a bha nam ministearan riaghaltais nam measg. Tha buidheann eile de Bhuill-Phàrlamaid Tòraidheach, agus buill anns a' Chaibineat, a' cur dìon air a' Phrìomhaire.

Catalunia

Tha Ceannard nam Poileas ann an Catalunia anns a' chùirt ann am Madrid fo chasaid mu shuaineas. Thathas a' fàgail air Josep Lluis Trapero, agus feachd poilis Chatalunia, nach do chuir iad dìon mar a bu chòir air oifigearan poilis nàiseanta na Spàinne nuair a bha buaireadh ann ron referendum air an deireadh-sheachdain.

Ioran

Tha an Ceann-Suidhe Trump a' fàgail air Ioran nach do chùm iad ri aonta eadar-nàiseanta airson smachd air leasachadh armachd niuclasaich. Tha dùil ri fios bho Mhgr Trump an ceann là no dhà a bheil na Stàitean Aonaichte a' tarraing a-mach às an aonta sin - rud a dh'fhaodadh casg-bhannan ùra a chur air Ioran.

An Cabhlach Rìoghail

Tha an Cabhlach Rìoghail a' beachdachadh air faighinn cuidhteas an dà shoitheach cogaidh a th' aca airson feachdan a chur air tìr ann am blàr. Tha sin am measg na chaidh a mholadh mar dhòigh air airgead a chùmhnadh. Thuirt Ministearalachd an Dìon nach do rinn iad co-dhùnadh sam bith fhathast.

Ryanair

Sgrìobh ceannard Ryanair, Mìcheal O'Leary, gu pìleatan na companaidh a' gealltainn pàigheadh agus chùmnantan obrach nas fheàrr dhaibh. B' fheudar do Ryanair mìltean sheirbheisean a chur dheth sna seachdainnean mu dheireadh, le atharrachadh san rota a dh'fhàg a' chompanaidh gann de phìleatan agus criutha.

An Gearasdan

Tha dòchas ann air fuasgladh do thrioblaidean rathad an A82 tron Ghearasdan, a bha cho trang aig amannan air an t-Samhradh agus gun robh e a' toirt eadar uair de thìde agus còrr siubhal bho aon cheann den bhaile dhan cheann eile. Nì Còmhdhail Alba sgrùdadh a dh'fhaicinn dè ghabhas dèanamh mun t-suidheachadh.