Duais Dhòmhnaill Meek

Iain MacRath Image copyright Comhairle nan Leabhraichean

Chaidh Duais Dhòmhnaill Meek 2017 a thoirt do dh'Iain MacRath 'son an leabhair aige ''Taigh Sheonachain'' a tha stèidhichte air a' Chogadh Mhòr.

Chaidh an duais a thoirt seachad aig cuirm ann an Glaschu oidhche Ardaoin.

'S e Eoghan Stiùbhairt a bha san dàrna àite, agus Mòrag Anna NicNèill san treas àite.

"Tha mi a' faireachdainn nach creid mi idir e. Tha e gu math do-chreidsinneach gun do choisinn mi an duais," thuirt Mgr MacRath.

Dealbh-cluich

"Cha robh dùil sam bith agam idir idir idir ris.

"'S e dealbh-chluich a th' ann, stèidhichte air a' Chogadh Mhòr.

"Dithis a tha a' fuireach ann an taigh, Taigh Sheonachain. 'S e an duine aig a bheil an taigh Seonachan, agus tha e a' cuimhneachadh air a' chogadh.

"Chaidh iarraidh orm rud beag goirid a sgrìobhadh bho chionn trì no ceithir bliadhna 's dòcha a-nis, le Glaschu Beò.

"'S e an rud a sgrìobh mi pìos airson aon duine. Cha robh cus airgid ann so b' fheudar dhomh fhèin a dhèanamh.

"Agus 's e rud beag nas fhaide na leth-uair de thìde a bh' ann.

"Sgrìobh mi e 's rinn mi fhèin e aig Tèatar an Tron.

"Agus on sin leudaich mi a-mach e gu pìos làn-ùine mar gum b' e, leis an ainm Phantom. 'S ann mu dheidhinn Mac an t-Srònaich a tha am pìos.

"Agus a-nis tha dùil againn an dealbh-cluich sin a thoirt gu buil an ath-bhliadhna," thuirt e.

Bu mhath le Mgr MacRath barrachd dhealbhan-cluiche fhaicinn sa Ghàidhlig.

"Suidh sìos is tòisich"

"Tha mi a' smaointinn gu bheil tòrr a' sgrìobhadh. B' fheàrr leam gun robh barrachd a' leughadh 's a' ceannach leabhraichean Gàidhlig," thuirt e.

"Ach gu seachd-àraid b' fheàrr leam gun robh barrachd a' sgrìobhadh dhealbhan-cluiche, o chionn 's tha feum againn orra.

"Mura h-eil na dealbhan-cluiche air an sgrìobhadh chan fhaigh sinn dad air an àrd-ùrlar.

"Cha leig sinn a leas a bhith a' lorg chleasaichean no stiùirichean, 's chan fhaigh sinn luchd-amhairc nas motha.

"Ach feumaidh sgrìobhadairean a bhith againn airson an àrd-ùrlair airson an rud a chumail beò," thuirt e.

Tha comhairle gu math sìmplidh aig Mgr MacRath do dhuine sam bith a dh'iarradh a bhith ri sgrìobhadh.

"Ma tha thu am beachd sgrìobhadh, sgrìobh. Suidh sìos is tòisich," thuirt e.

"Faigh ùine dhut fhèin. Tha teaghlach agamsa aig an taigh. Chan eil rùm sgrìobhaidh agam ach an cidsin.

"Feumaidh mi a bhith ullamh den obair agam ro 3:30f nuair a thig an gille beag agam a-steach, agus feumaidh mi an gille beag a chur dha leabaidh, is mi fhèin a ruith sìos an staidhre aig 10:00f no ge b' e cuin, agus tòiseachadh air sgrìobhadh an uair sin.

"Ma tha mise ga dhèanamh aig m' aois-se, faodaidh duine sam bith a dhèanamh.

"Chan eil e furasta, ach cùm ort ga dhèanamh," thuirt e.