Fuasgladh air fàire 'son rathad a' Ghearasdain?

An Gearasdan

Thèid sgrùdadh a dhèanamh air an A82 tron Ghearasdan faic an gabh leasachadh a dhèanamh air san ùine ghoirid.

Dh'innis Riaghltas na h-Alba gun dèan Còmhdhail Alba sgrùdadh air an rathad.

Bha Loch Abar, mar ghrunn sgìrean eile air a' Ghàidhealtachd, gu math trang le luchd-turais tro mhìosan an t-Samhraidh.

Tha Còmhdhail Alba an dòchas gun tèid aca air dearbhadh dè ghabhas dèanamh airson faochadh a thoirt do dhràibhearan.

Dheadh leasachaidhean sam bith a dhèanamh ron t-Samhradh ann an 2018.

Tha feadhainn ag ràdh gu bheil an trafaig cho dona aig amannan 's gun toir e uair de thìde dhaibh faighinn tron bhaile.

A rèir BPA SNP na sgìre, Ceit Fhoirbeis, tha làn-thìde ann rudeigin a dhèanamh mun chùis.

''Tha mi uabhasach toilichte cluinntinn gu bheil Còmhdhail Alba a' dol a dhèanamh obrach air an A82 gus nach bi e cho trang 's a bha e.

''Bhon a bha mise ann an Loch Abar as t-Samhradh, bha mi a' cluinntinn bho tòrr dhaoine a bha a' gearain mu dheidhinn nan rathaidean.

''Chan urrainn do bhaile bheag obrachadh ma tha daoine a' feitheamh còrr is uair de thìde gus faighinn troimhe", thuirt i.

Seach-rathad

Tha daoine ann an Loch Abar air iarraidh air Còmhdhail Alba roimhe fuasgladh fhaighinn air trioblaidean trafaig a' Ghearasdain.

Dh'iarradh cuid seach-rathad - beachd a th' air nochdadh grunn thursan thar nam bliadhnaichean.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf gu bheil an Riaghaltas a' tuigsinn cho cudromach 's a tha an rathad seo dhan eaconamaidh ionadail.

''Tha sinn airson dèanamh nas urrainn dhuinn gus piseach a thoirt air tursan dhaoine, gus gnìomhachasan ionadail a chuideachadh, agus gus taic a thoirt do dhaoine fhaighinn bho àite gu àite", thuirt e.

Thuirt Còmhdhail Alba gun toireadh iad taic do Chomhairle na Gàidhealtachd fuasgladh maireannach a lorg cuideachd.