Carbadan a' grodadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iarratas son a' chomhairle cuidhteas fhaighinn do sheann charbadan

5 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar barrachd a dhèanamh airson cuidhteas fhaighinn de sheann charbadan is eile a tha a' laighe a' grodadh agus a' meirgeadh air feadh na sgìre.

Sin beachd Cathraiche Chomhairle Coimhearsnachd Airidhantuim air taobh siar Leòdhais, an t-Urramach Murchadh Mac a' Ghobhainn.

Chaidh còrr agus leth cheud carbad a thoirt air falbh bhon sgìre aca - mar phàirt de dh' oidhirp a rinn iad fhèin.

Tha Eilidh Nicleoid ag aithris