Òrdugh PSO air a dhiùltadh

Pleana

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil e comasach Òrdugh Seirbheis Phoblaich - PSO - a chur air an t-seirbheis adhair eadar Beinn nam Fadhla is Glaschu.

Bha comhairlichean Uibhist air iarraidh gun rachadh an t-inbhe sin, a th' ann mar-thà eadar Barraigh agus Glaschu, a chur air an t-slighe.

Tha Òrdugh PSO a' ciallachadh gu bheil subsadaidh ga thoirt seachad gus faraidhean a chumail sìos.

Tha cuid air draghan a thogail mu na faraidhean eadar Beinn nam Fadhla is Glaschu, is mun bhuaidh a dh'fhaodadh strì eadar Flybe is Loganair toirt air an t-seirbheis.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba, ge-tà, nach urrainn PSO a chur air an t-slighe eadar Beinn nam Fadhla is Glaschu, co-dhiù mar a tha cùisean an-dràsta.

Thuirt Ministear na Còmhdail, Humza Yousaf, gur e seirbheis choimearsalta a tha seo an-dràsta, is mar sin nach biodh PSO iomchaidh.

Dh'innis e nach gabhadh PSO a chur an sàs ach nan sguireadh an t-seirbheis a th' ann, is gun chompanaidh eile ann a bhiodh deònach a gabhail os làimhe.

Tuilleadh air an sgeulachd seo