Cosgaisean locum àrda aig tuath

Ospadal Image copyright SPL

Thàinig e am bàrr gu bheil NHS na Gàidhealtachd agus NHS Roinn a' Mhonaidh còmhla a' cosg 75% den airgead a tha ga chur a-mach ann an Alba airson dotairean locum fhastadh gach bliadhna.

Nochd am fiosrachadh ann an aithisg a tha a' dol air beulaibh Bhòrd NHS Roinn a' Mhonaidh Diardaoin.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil na cosgaisean locum air an dà bhòrd slàinte àrd gu sònraichte air sgàth dhotairean locum nach robh fo chùmhnant, agus trioblaidean le luchd-obrach fhaighinn.

Tha an aithisg ag innse gun deach na chosg NHS Roinn a' Mhonaidh air seirbheisean locum suas cha mhòr £3m san dà bhliadhna a chaidh.

Feumaidh NHS Roinn a' Mhonaidh £30m a shàbhaladh gach bliadhna eadar seo is 2020.

Mar phàirt dheth sin, feuchaidh iad ris na tha iad a' cosg air seirbheisean locum a ghearradh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile