Dìteadh drabastachd-chloinne do dh'fhear à Stafainn

Fhuaireas fear a bha uair a' dràibheadh bus-sgoile san Eilean Sgitheanach ciontach de dhrabastachd-chloinne ann an cùirt ann an Sasainn.

Dh'aidich Roger Cook, a thuirt gur ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach a bha e a' fuireach, gun robh e ciontach de thrì chasaidean drasbastachd-chloinne aig Cùirt a' Chrùin ann an Cathair Luail san t-Sultain.

Thachair na h-ionnsaighean ann an sgìre Appleby ann an Cumbria thairis air còig bliadhna.

Thèid binn a chur air nas fhaide air a' mhìos.