Leudachadh air seirbheis Heathrow

Raon-laighe Heathrow

Leudaichidh British Airways an t-seirbheis aca eadar Inbhir Nis is Heathrow, gu deich tursan san t-seachdain bhon Mhàrt an ath-bhliadhna.

Tha seo a' tighinn agus British Airways air aonta a ruighinn bho chionn ghoirid le Loganair a thaobh luchd-siubhail a bhith a' gluasad eadar seirbheisean an dà chompanaidh.

Fo na planaichean ùra, bidh dà seirbeis san là ann trì làithean den t-seachdain - Diciadain, Disathairne agus Didòmhnaich - eadar Inbhir Nis agus Heathrow.

"'S e fìor dheagh naidheachd a tha seo do dh'Inbhir Nis agus don Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, agus e a' neartachadh tè de na slighean as cudromaiche ri Port-Adhair Inbhir Nis," thuirt Àrd-Stiùiriche Seòmraichean Malairt Inbhir Nis, Stiùbhart Nicol.

"Tha an leasachadh cudromach seo air piseach susbainnteach a thoirt air a' cheangal eadar prìomh bhaile na Gàidhealtachd agus am port-adhair as cudromaiche anns an Rìoghachd Aonaichte," thuirt e.