Cead do dh'aon choithional san Rubha

Tè de dh'eaglaisean saora an Rubha Image copyright Eileen Henderson/Geograph

Chaidh cead a thoirt do dhà choithional san Rubha, ann an Leòdhas, tighinn còmhla a-rithist.

Chaidh co-dhùnadh a ruighinn aig coinneimh de Choimisean Àrd-Sheanaidh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Eideann oidhche Chiadain.

Bha sgaradh connspaideach air a bhith eadar an dà choithional bho chionn 50 bliadhna.

Chaidh Eaglais Shaor an Rubha a stèidheachadh an dèidh do phàirt den choithional sgaradh bho Eaglais Shaor a' Chnuic tràth anns na 1960an.

Às dèidh dhaibh tighinn còmhla às ùr, dh'aontaich an dà choithional gun gabh iad Eaglais Shaor Gharraboist air a' choithional aonaichte.

"Mar neach a dh'fhàs suas anns a' choimhearsnachd, agus ann an aon de na coithionalan a tha sin, bha e inntinneach a' faicinn anns an 30 bliadhna a chaidh seachad, mar a bha na coithionalan a' tighinn na b' fhaisge air a chèile mar a bha na bliadhnaichean a' dol seachad," thuirt an t-Urr. Calum MacLeòid, Clàrc an Àrd Sheanaidh.

Fianais

"Agus tha e inntinneach 's tlachdmhor a' faicinn an dà choithional a' tighinn chun na h-ìre seo a-nochd.

"Bidh a' Chlèir a-nis a' coinneachadh ris an dà choithional anns an Rubha fhèin air a' mhìos seo fhèin, agus bidh iad gu foirmeil aig a' choinneimh sin ag aonadh an dà choithional ri chèile.

"Bhon àm sin a-mach bidh iad mar aon choithional.

"Fhuair iad cead bhon choimisean a-nochd a bhith a' gairm mhinisteir cuideachd, agus bidh iad a' smaoineachadh air sin cuideachd.

"Tha buannachd mhòr ann dhan sgìre fhèin an dà choithional a bhith a' tighinn còmhla.

"Tha sgaradh, ge b' e cuin a tha e a' gabhail àite, a' dèanamh milleadh.

"Ach tha aonadh a' dèanamh slànachaidh, 's tha e a' dèanamh neartachaidh air fianais an t-Soisgeil agus air seirbheisean eaglaise," thuirt e.