"Nas èifeachdaiche 's nas cothromaiche" le boireannaich

Comhairle nan Eilean Siar

Bhiodh cùisean na b' èifeachdaiche agus na bu chothromaiche nam biodh boireannaich air Comhairle nan Eilean Siar, a reir Iar-Chathraiche Comataidh Poileasaidh is Stòrais na Comhairle.

Bha Alasdair MacLeòid a' bruidhinn agus a' Chomhairle a' cur romhpa guth nas treasa a thoirt do bhoireannaich ann an obair na buidhne.

'S iad fireannaich a-mhàin a chaidh a thaghadh mar chomhairlichean anns na h-Eileanan Siar sa Chèitean.

"Tha sinne mothachail nach eil boireannach air a' Chomhairle, agus chan e rud math a tha sin anns an fharsainneachd," thuirt e.

Comataidhean

"Anns an là a th' ann an-diugh, bhiodh e na b' èifeachdaiche agus na bu chothromaiche nam biodh boireannaich air a' Chomhairle, airson, a' sealltainn air ais air na bliadhnaichean far an robh iomadach boireannach comasach, agus am feum a rinn iad dha na co-dhùnaidhean a bha a' Chomhairle a' tighinn thuca.

"So tha sinne den bheachd gum bu chòir dhuinn rudeigin a dhèanamh, 's chan e suidheachadh fearasta a th' ann.

"Tha sinn a' sealltainn ri dòighean air boireannaich a thoirt gu feadhainn de na comataidhean air a' Chomhairle, mar eisimpleir, tha rud ris an can iad Ball na Buidhne-Obrachaidh, far am bi sinn a' beachdachadh air cuspairean co-cheangailte ri obair na Comhairle, agus tha sinn am beachd, mar a' chiad cheum, gum bruidhinn sinn ri buidhinn a tha a' riochdachadh bhoireannach anns an fharsainneachd anns na h-Eileanan, airson faighinn a-mach a bheil ùidh aig feadhainn tighinn air na comataidhean a tha seo," thuirt e.

Daoine òga

Tha ceist ann cuideachd a bheil gu leòr bhoireannach gan cur fhèin air adhart airson seasamh ann an taghaidhean na Comhairle.

"A rèir an taghaidh mu dheireadh cha robh," thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sianar a sheas, agus gu mì-fhortannach cha d' fhuair duine aca a-steach.

"Feumaidh sinn gabhail ri beachd an t-sluaigh mu dheidhinn sin, ach tha mi a' smaoinneachadh gu bheil e tàmailteach dhan choimhearsnachd, nach eil sin cothromach ann an dòigh, nach eil boireannaich air a' Chomhairle.

"Chan e a-mhàin boireannaich, ach daoine òga. Feumaidh sinn sealltainn ri sin cuideachd.

"Bhiodh e na b' fheàrr dha deamocrasaidh anns an fharsainneachd nam biodh daoine òga a' gabhail ùidh ann an deamocrasaidh san fharsainneachd agus gan cur fhèin air adhart airson seasamh airson na Comhairle," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile