Seile aon phuing bho eachdraidh

Ceann Loch Seile 4 Caol Bhòid 0 Image copyright Gàidhlig Gu Leòr
Image caption Thug Ceann Loch Seile droinneadh air Caol Bhòid. Feumaidh iad a-nise aon phuing eile 'son an lìog a bhuannachadh.

An cuir an duine mu dheireadh a dh'fhàgas an t-eilean às na solais? B' e siud an cartùn ainmeil a nochd am Paipear Beag an Eilein Sgitheanaich air ais ann an 1990 is muinntir an eilein air fad, cha mhòr, a' dèanamh air cuairt dheireannach Chupa na Camanachd sa Ghearasdan.

Cha deach an leithid fhaicinn air a' chosta an iar bhon uairsin.

Disthairne, ge-tà, tha teansa gum bi gu leòr de thaighean ann an dorchadas eadar am Ploc is Drochaid Sheile agus an sgìre mun cuairt.

Bidh muinntir an àite shìos san Òban is iad 'son a bhith an làthair nuair a nì Ceann Loch Seile eachdraidh.

Cluba nach deach a stèidheachadh ach ann an 1958, is a chaidh air ais sìos dhan ìre as ìsle den spòrs anns na 1990an, 1 phuing air falbh bhon Phrìomh Lìog a bhuannachadh.

Fuamhairean

'S e duais a tha seo nach do thadhail, thuige seo, ach air Ceann a' Ghiùthsaich, air a' Ghearasdan, is air Baile Ùr an t-Slèibh.

Tha sin a' dol a dh'atharrachadh Disathairne, ach chan eil fios fhathast càite an cuir an cupa seachad an Geamhradh.

Tha Ceann Loch Seile ann an suidheachadh glè làidir às dèidh dhaibh Caol Bhòid a phronnadh 4-0 sa Chlachan Aillseach bho chionn cola-deug.

Chuir sin iad air ais air mullach na lìge le 1 gheama air fhàgail, 2 phuing air thoiseach air sgioba Thaigh na Bruaich, is àireamh nan tadhal air tionndadh nam fàbhar.

Bidh Seile gu math mothachail, ge-tà, gu bheil obair aca ri dhèanamh.

Cuiridh Caol Bhòid fàilte air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal Disathairne.

Chan ann a-mhàin gu bheil fios aig GMA mar thà gu bheil iad a' dol sìos dhan Lìog Nàiseanta, ach tha iad air call 4 a-mach à 4 an aghaidh Chaol Bhòid am-bliadhna, is an sgòr iomlan 14-1 am fàbhar sgioba Sheumais Perlich.

Gheibh Caol Bhòid 2 phuing Disathairne, shaoileadh tu, is tadhal no dhà no trì cuideachd.

Feumaidh Seile rudeigin san Òban, a rèiste, is teans nach bi sin furasta.

Choinnich iad ri Camanachd an Òbain trì tursan am-bliadhna mar thà.

Shoirbhich le Seile 3-2 aig an taigh san lìog le tadhal sa mhionaid mu dheireadh bho Chè MacRath.

Teann

Bha iad co-ionnan 0-0 air an dearbh phàirc ann an Cupa na Camanachd, is sgioba an Òbain a' soirbheachadh 1-0 san dàrna geama.

Chan eil an geama seo a' ciallachadh dad dhan Òbain, is beachd ann gur e an sgioba a dh'fheumas rudeigin ann an suidheachdh mar seo a thig am bàrr air a' cheann thall.

Aig a' cheart àm, chan eil uallach sam bith air an Òban, is cothrom aca cuideachd sgioba eile bhon cheann a deas a chuideachadh a dh'ionnsaigh an tiotail - rud nach do thachair a-riamh.

'S e cnag na cùise nach bi seo soirbh dha Ceann Loch Seile, ach às dèidh cho math 's e dhèilig iad ris an uallach a bh' ann nuair a thàinig Caol Bhòid dhan Chlachan Aillseach, tha a h-uile coltas ann gum bi iad deiseil airson seo.

Là mòr eile san iomain ma-tha, is eachdraidh gu bhith air a dèanamh àiteigin an Earra-Ghàidheal.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile