Rabhadh stailce bho Unite

An Lighe Ratharsaireach Image copyright Nigel Brown/Geograph

Thug an t-aonadh Unite rabhadh gum faodadh stailc buaidh mhòr a thoirt air bàtaichean a' Chabhlaich Rìoghail timcheall air raon deuchainn an MoD faisg air a' Chaol.

Tha Unite a' riochdachadh luchd-obrach ann an sgiobaidhean bhàtaichean-slaodaidh aig a' chompanaidh Serco.

Tha cùmhnant leotha bhon MoD aig còig puirt san Rìoghachd Aonaichte.

'S iad sin an Caol, Faslane, Grianaig, Devonport is Portsmouth.

Tha buill Unite mar thà air àrdachadh pàighidh - 1.8% 'son 2016 is 2.2% 'son 2017 is 2018 - a dhiùltadh.

Tha an t-aonadh ag ràdh gun deach an t-àrdachadh "riaslach" a sparradh air luchd-obrach.

Sgaoilidh Unite pàipearan baileit an t-seachdain seo feuch a bheil taic ann airson stailc.

Thuirt Unite gum bi buaidh mhòr air na puirt ma thèid stailc air adhart.

Thuirt iad gu bheil bàtaichean a' Chabhlaich Rìoghail feumach air na bàtaichean-slaodaidh.

Tha Unite ag ràdh gum feum Serco an t-àrdachadh pàighidh a th' ann a tharraing, is a dhol an sàs ann an còmhraidhean ùra.

Tha am BBC air beachd iarraidh bho Mhinistrealachd an Dìon.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile