Là cudromach air fàire do Chnoc Soilleir

An làrach far an tèid Cnoc Soilleir a thogail.

Tha ceann-là air leth cudromach air fàire dhan phròiseict gus ionad cultarail a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas.

Nì Comhairle Maoineachaidh na h-Alba co-dhùnadh san Dùbhlachd air tagradh 'son taic-airgid luach £4m do dh'ionad Cnoc Soilleir.

'S iad Ceòlas agus Colaiste a' Chaisteil a th' air cùlaibh na pròiseict.

Tha dùil gum bi grunn chùrsaichean rim faighinn aig an ionad, gu sònraichte a thaobh cànain, ciùil is cultair.

Thuirt Cathraiche Ceòlas, Màiri NicAonghais, gu bheil iad an dòchas gum bi Cnoc Soilleir cho soirbheachail 's a tha Sabhal Mòr Ostaig, is gum faigh Uibhist a Deas buannachd às mar a fhuair Slèite buannachd à SMO.

Cosgaidh an t-ionad ùr còrr £7m uile gu lèir.

Fhuaireadh £1m bho Riaghaltas na h-Alba mar thà, is dùil ri taic bho Chomhairle nan Eilean Siar is HIE, am measg eile.

Ma thig an t-airgead a-nise bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba san Dùbhlachd, tha dùil gun tòisich obair-togail an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile