A82 gu bhith dùinte

Clach nan Tarbh Image copyright David Dixon / Geograph

Dh'fhaodadh gum bi an A82 eadar a' Chrìon-Làraich agus an Tairbeart dùinte tron là airson dusan là san t-Samhain is obair a' dol air an rathad.

Thuirt Bear Scotland gum feum iad an rathad a dhùnadh às dèidh tubaiste sa Chèitean a rinn milleadh air feansa sàbhailteachd faisg air Pàirce Saor-làithean Loch Laomainn.

Dh'innis a' bhuidheann gu bheil aca ris an obair a dhèanamh tron là air adhbharan sàbhailteachd leis gu bheil leathad cas ri taobh an rathaid sìos chun an uisge.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad airson an cothrom seo a ghabhail gus obair eile a dhèanamh air an rathad eadar an Tairbeart agus a' Chrìon-Làraich a chosgas £840,000.

Tha seo a' ciallachadh gum biodh an rathad dùinte eadar an 6mh agus 21mh den t-Samhain bho 08:00m gu 7:00f, ach a-mhàin air an deireadh-sheachdain.

Bidh aig dràibhearan ri dhol taobh an Rest and Be Thankful is Inbhir Aora, a chuireas 55 mìle ris an turas aca.

Bidh co-chomhairle ann mu na planaichean, ach tha feadhainn mar thà air draghan a nochdadh air na meadhanan sòisealta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile