Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dàmhair 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Co-labhairt nan Tòraidhean

Tha am Prìomhaire Theresa May a' dèanamh deiseil airson òraid a thoirt seachad aig co-labhairt nan Tòraidhean ann am Manchester. Tha dùil gun can i ris a' cho-labhairt gum feum am pàrtaidh a bhith aonaichte. Tha mòran cheistean an dèidh a bhith air an togail mu cheannas Theresa May bho chaill na Tòraidhean a' mhòr-chuid aca anns an Ògmhios.

Catalunia

Tha a' Phàrlamaid ann an Catalunia a' coinneachadh airson bruidhinn mun referendum air neo-eisimeileachd a chaidh a chumail Là na Sàbaid. Thuirt Ceann-Suidhe Chatalunia gun gairm an sgìre gu bheil iad neo-eisimeileach ann am beagan làithean.

Banachdachd Aillse

Tha banachdachd a chaidh a thoirt a-steach anns na sgoiltean airson stad a chur air aillse muinneal na machlaig air feum mòr a dhèanamh a rèir sgrùdaidh. Tha an rannsachadh ag ràdh gu bheil an àireamh de bhoireannaich Albannach a tha a' sealltainn chomharran gu bheil iad a' fulang leis an aillse sìos gu mòr.

Las Vegas

Tha dùil gu bheil an leannan aig fear-gunna Las Vegas air a dhol air ais a dh'Aimeireaga. Tha na meadhanan ag aithris gu bheil an FBI a' ceasnachadh Marilou Danley a bh' anns na Philipines nuair a ghabh an ionnsaigh àite. Mharbh Stephen Paddock 58 duine, agus chaidh còrr air 500 duine a leòn, às dèidh mar a loisg e air daoine a bh' aig cuirm chiùil.

Rèidio-eòlaichean

Thèid gainnead de rèidio-eòlaichean aig Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis a dheasbad le buill de Phàrlamaid na h-Alba a-nochd. 'S e am ball Tòraidheach ann an sgìre na Gàidhealtachd, Edward Mountain, a dh'iarr an deasbad. Anns a' ghluasad aige tha e a' moladh luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd, agus tha e ag ràdh gum feum an Riaghaltas rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh a dh'aithghearr.

Calanais

Bidh co-dhiù dà bhliadhna eile ann mus bi togalach ùr aig ionad tadhail Thursachan Chalanais. Bha dùil ann gum biodh an goireas ùr an ìre mhath deiseil mun àm seo. Ach chuir duilgheadas a thaobh a bhith a' faighinn airgid air a shon dàil air an obair. A-nis feumaidh iad barrachd a dhèanamh a thaobh a bhith a' mìneachadh eachdraidh na làraich, agus ceangal a dhèanamh le làraichean arc-eòlach eile ma tha cothrom gu bhith aca air maoineachadh.