Buidhnean coimhearsnachd na Hearadh còmhla

Na Hearadh

Tha dòchas ann gum bi guth nas làidire aig muinntir na Hearadh le Fòram Coimhearsnachd ga stèidheachadh.

'S iad na trì comhairlean coimhearsnachd a chuir am fòram air bhonn agus choinnich iad oidhche Mhàirt airson a' chiad uair còmhla ris na buidhnean ionadail eile a bhios ann, agus bheachdaich iad air rudan a tha a' bualadh air an eilean gu lèir mar còmhdhail, turasachd agus taigheadas.

"Chaidh seo a chur an cèill o chionn dà mhìos aig a' chiad choinneimh de na comainn choimhearsnachd air fad," thuirt Iain MacLeòid, Cathraiche Chomhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath Na Hearadh.

"Bha trì chomainn choimhearsnachd anns na Hearadh - an Ceann a Tuath, 's an Ceann a Deas, agus Scalpaigh.

Buidhnean

"Bha sinn a' faicinn gu math tric gur e na h-aon draghan a bha sna trì sgìrean, agus gum biodh e tòrr na b' fheàrr nam biodhmaid a' bruidhinn airson na Hearadh air fad mar aon bhuidhinn.

"Agus sin a thachair aig a' chiad choinneimh a thachair.

"Ach a-nise thug sinn buidhnean eile mar Urras Cheann a Tuath na Hearadh, 's Taobh Siar na Hearadh, agus Harris Development, agus rudan mar sin a th' anns an àite a tha a' dèanamh gnìomhachais airson na coimhearsnachd, còmhla rinn. Agus mar sin tha sinn a' faighinn beachd sluagh na Hearadh air fad.

"'S e dithis o gach buidhinn a tha a' riochdachadh nam buidhnean sin aig a' choinneimh, agus aon bhòt aig a h-uile duine.

"Thàinig cuspair no dhà a nochd aig a' choinneimh, na bhanaichean-campachaidh.

"Chaidh sin a chur air ais a-nise gu na comainn choimhearsnachd, agus gu na h-urrasan eile airson beachdachadh air.

Co-dhùnaidhean

"Agus ge b' e dè am beachd a bheir iad sin seachad, thig sin chun na h-ath-choinneimh a bhios againn, agus thèid an uairsin co-dhùnadh a dhèanamh mu dheidhinn, dè tha muinntir na Hearadh ag iarraidh mu dheidhinn sin.

"Rud eile a thàinig gu math trom a-mach aig a' choinneimh cuideachd, 's e làraichean airson taighean a thogail. Taighean gu h-àraid do dhaoine òga.

"Chan eil làraichean taighean ri fhaighinn mòran, agus tha airgead aig a' Chomhairle an-dràsta airson taighean a thogail.

"Ach chan eil làraichean ann, agus tha eagal gu h-àraid air na comhairlichean, bha iad ag ràdh seo, nach fhaigheadh iad làraichean, agus gun cailleadh na Hearadh a-mach air taighean ùra a bhith air an togail," thuirt e.

Tha dùil aig an fhòram coinneachadh a h-uile trì mìosan.