Maill air ionad ùr Chalanais

Tursachan Chalanais

Bidh co-dhiù dà bhliadhna eile ann mus bi togalach ùr aig ionad-tadhail Thursachan Chalanais ann an Leòdhas.

Bha dùil gum biodh an goireas ùr an ìre mhath deiseil mun àm seo, ach chuir duilgheadas a thaobh a bhith a' faighinn airgid air a shon dàil air an obair.

A-nis, feumaidh iad barrachd a dhèanamh a thaobh a bhith a' mìneachadh eachdraidh na làraich agus ceangal a dhèanamh le làraichean arc-eòlach eile san sgìre ma tha cothrom gu bhith aca air maoineachadh.

Mar thà am-bliadhna, tha 60,000 duine air tighinn tro na dorsan aca.

Agus leis gu bheil gach seusan turasachd a' fàs nas trainge, tha cruaidh-fheum air togalach nas motha agus nas freagarraiche.

"Tha e freagarrach mun àm seo bhliadhna, nuair nach eil uimhir ann," thuirt manaidsear an ionaid, Aonghas MacCoinnich.

"Ach tha trì no ceithir mìosan den bhliadhna nuair a dh'fheumas sinn dà uimhir 's a th' againn den rùm sin dhan a h-uile duine.

"Bha sinn a' coimhead airson £4m. An-dràsta tha e an-àirde gu £5m.

Tagradh

"Chuir sinn a-steach airson airgid gu Maoin Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta.

"Dhiùlt iad sinn an trup seo. Dh'fheumadh sinn coimhead air an rud a bha sinn air a chur thuca, agus feuchainn ri a dhèanamh rud beag nas fheàrr, ach am biodh e nas fhurasta dhaibhsan airgead a thoirt dhuinn. An dualchas a dhèanamh nas treasa san tagradh.

"Bha e rud beag lag air an taobh sin.

"Tha na clachan againn shuas an siud. Ach an rud a tha iad a' cantainn ri sin 's e Calanais 1. Tha grunnan aca ann. Tha mi a' creidsinn gu bheil 50 àite timcheall air seo anns an sgìre seo air fad, agus faodaidh tu cantainn gur e dualchas nan clachan.

"Mar a tha iad a' dèanamh ann an Arcaibh an-dràsta, tha tòrr obrach aca ri dhèanamh, agus tòrr obrach a' dol air adhart.

"Tha iad a' faighinn a-mach tòrr rudan a bha na daoine sin a chuir an-àirde na clachan a' dèanamh. Dè bha iad ag ithe. Càite an robh iad a' fuireach 's rudan mar sin.

"Nis ann an seo, tha fios againn air na clachan. Tha fios againn gun robh daoine ann. Ach chan eil fios againn càite an robh iad a' fuireach, 's rudan mar sin.

"Tha sinn a' cur a-steach airson an airgid, 's tha treallaich obrach ri dhèanamh mus dèan sinn sin.

"Agus mar sin tha dithis againn a bhios a' cur sin ri chèile, anns an dà no trì mhìosan a tha seo.

"Gheibh sinn an t-airgead air a' cheann thall. Tha an t-àite seo ro fheumail," thuirt e.