Liosta de ghearraidhean ùra aig CnES

Comhairle nan Eilean Siar

Tha ceannardan Chomhairle nan Eilean Siar a' cur liosta ri chèile de na seirbheisean a tha iadsan a' sùileachadh a dh'fheumadh a bhith air an gearradh, no air an stad buileach, mura bi am maoineachadh a gheibh iad bhon Riaghaltas air a' bhliadhna a tha romhainn a' gabhail a-steach na h-atmhorachd.

Tòisichidh Riaghaltas na h-Alba a' stèidheachadh a' bhuidseit aca san Dùbhlachd, a' gabhail a-steach na gheibh ùghdarrasan ionadail na dùthcha mu choinneimh na bliadhna ionmhais a tha romhainn.

Aig coinneimh de Chomataidh Stòrais agus Ghoireasan na Comhairle Dimàirt, chaidh innse gu bheil e a' sìor fhàs nas doirbhe sàbhalaidhean a dhèanamh, ach gu bheileas a' coimhead ri dòighean air barrachd teachd-a-steach a chruthachadh dhan Chomhairle.

"'S e dealbh dùbhlannach a tha romhainn, gun teagamh," thuirt Ceannard na Comhairle, Ruairidh MacAoidh.

"Tha sinn air na chaidh a thoirt à-mach às na buidseatan againn thairis air a' chòig bliadhna a dh'fhalbh a chlàradh mar-thà.

"Thog sinn an-diugh air gum bi dùbhlain den aon sheòrsa romhainn, airgead a thoirt a-mach às a' bhuidseat, anns a' chòig bliadhna a tha ri thighinn.

"Bidh e nas doirbhe, bhon tha an cèic a' fàs nas bige 's nas bige, agus tha e nas doirbhe sàbhalaidhean a lorg.

"Ach seach a bhith a' dol dhan Riaghaltas le figear ann an dubh 's an geal, tha sinn airson a dhol thuca le seirbheisean a tha dha-rìribh ann an cunnart, 's a ràdh riutha "'s iad seo na seirbheisean a tha sibhse ag iarraidh oirnn a thoirt air falbh, a lùghdachadh no a ghearradh air ais. A bheil sibh dha-rìribh ag iarraidh oirnn sin a dhèanamh?"

"Saoilidh mi gur e sin fear de na rudan dha bheil sinn a' toirt prìobhachais an-dràsta, a' cur dùbhlain ron Riaghaltas, 's a' faighneachd "a bheil sibh dha-rìribh airson gum falbh seo bhon choimhearsnachd againn?" thuirt e.