Leudachadh aig companaidh eileactronaigich

Dh'fhoillsich companaidh eileactronaigeach a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis agus Eilginn planaichean airson leudachadh gu mòr.

Tha dùil aig North Electical Services Eta. (NES) ceithir uiread de luchd-obrach fhastadh - suas ri 250 duine - taobh a-staigh an ath-chòig bliadhna.

Tha a' chompanaidh - a chaidh a mholadh airson nan sgeamaichean preantasachd aca - cuideachd airson leudachadh ann am meadhan na h-Alba.

Bidh a' chompanaidh a' cur a-steach siostaman eileactronaigeach do ghnothachasan, agus a' càradh shiostaman ann an leithis sgoiltean, oifisean, taighean-staile agus ionadan giollachd èisg.