Rionnagan Michelin a' fàs gann

Biadh Image copyright Getty Images

'S e seann taigh-croite an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich an aon taigh-bìdhe an Alba a th' air rionnag Mhichelin fhaighinn san deasachadh as ùire den leabhar-iùil.

Tha taigh-bìdhe an Loch Bay ann an Steinn, am Bhàtarnais, air a ruith le Mìcheal Mac a' Ghobhainn, a b' àbhaist a bhith na àrd-chòcaire aig taigh-bìdhe an Three Chimneys an Gleann Dail, a th' air na rionnagan Michelin aca fhèin a ghlèidheadh.

Chaill dà thaigh-bìdh air Ghàidhealtachd na rionnagan Michelin aca am-bliadhna, agus dh'iarr fear eile, Boath House, an Allt Èireann, gun deadh an rionnag aca a thoirt air falbh às dèidh deich bliadhna, 's iad ag ràdh gun robh an duais a' ciallachadh nach gabh prothaid a dhèanamh.

Tha Mìcheal Mac a' Ghobhainn ge-tà, ag ràdh gu bheil e air a dhòigh an duais fhaighinn.

"Ghabh sinn an gnothachas thairis bho chionn 18 mìosan, so 's e iongnadh a th' ann aithne den inbhe seo fhaighinn aig an ìre seo," thuirt e.

"Tha mi gu math gu math toilichte.

"'S e oidhirp sgioba a th' air a bhith ann dha-rìribh, agus tha mi air a bhith a' toirt taing don sgioba an seo aig Loch Bay airson an cuid saothrach agus dìcheill thuige seo.

"'S e a' chuid as fheàrr dheth dhomh fhèin, gur ann às Inbhir Nis, às a' Ghàidhealtachd, a tha mise, agus 's e rud sònraichte a th' ann a bhith air a' Ghàidhealtachd leis an taigh-bìdhe agam fhèin, 's a bhith a' faighinn na h-aithne seo."