Pàrantan a' cur an aghaidh aithisg sgoile

Bun-Sgoil Steòrnabhagh

Tha pàrantan cloinne Bun-Sgoil Steòrnabhaigh air sgrìobhadh gu buill Chomhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun d' fhuair iad fiosrachadh ceàrr ann an aithisg mu staid na sgoile.

Tha buaireadh eadar na pàrantan agus roinn foghlaim na Comhairle a' leantainn, le pàrantan a' gearain mu dhìth rùm agus ghoireasan san sgoil.

Ach tha Stiùiriche an Fhoghlaim ag ràdh gu bheil an sgoil ceart gu leòr mar a tha i.

Ghearain pàrantan ri comhairlichean ann an Steòrnabhagh nach eil rùm gu leòr anns an sgoil, gu bheil tidsearan a' dèanamh obair rianachd nan suidhe sna trannsairean, nach eil seòmraichean sgeadachaidh aig a' chloinn, agus gu bheil an raon-cluiche bog fliuch agus gun fheum a' chuid as motha den bhliadhna.

Ach chaidh aithisg gu Comataidh an Foghlaim an t-seachdain seo chaidh ag ràdh gun robh h-uile càil san sgoil ceart gu leòr.

Tha Comhairle Phàrantan na sgoile a-nise air sgrìobhadh gu na comhairlichean gu lèir, ag ràdh gun robh an aithisg mì-chothromach agus ceàrr, agus nach deach beachd nam pàrantan iarraidh mus deach a sgrìobhadh.

Bha eagal air pàrantan bruidhinn gu follaiseach ris a' BhBC, gun fhios nach dìoladh sin orra air dòigh air choireigin.

Ach thuirt iad nach robh an Comh. Aonghas MacCarmaig, a tha a' riochdachadh sgìre na sgoile agus a tha a-nise na Chathraiche Foghlaim air a bhith anns an sgoil sna còig bliadhna a chaidh seachad.

Thuirt esan nach robh e ag iarraidh càil a ràdh.

Tha dithis chomhairlichean eile, a' feuchainn ri bun-sgoil ùr do Steòrnabhagh fhaighinn dhan phrògram chalpa, agus thèid sin a dheasbad Diciadain.

Tha dùil gun tèid buidheann-obrach de bhuill agus oifigich dhan sgoil a dh'aithghearr a choimhead air cùisean dhaibh fhèin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo