Dara cuirm gu bhith aig Runrig

Runrig
Image caption Tha Runrig a' dol a chumail dà chuirm-chiùil bheò mu dheireadh an Alba an dèidh 45 bliadhna.

Tha Runrig a' dol a chluich dara cuirme an Alba an ath-bhliadhna leis gun deach na tiocaidean air fad airson na cuirme mu dheireadh aca a reic.

Bidh a' chuirm "The Last Dance" a-nis ann an Sruighlea, Dihaoine an 17mh agus Disathairne an 18mh den Lùnastal 2018.

Chaidh 25,000 ticead a reic uile gu lèir 'son na ciad cuirme ro 11:00m Dihaoine.

Bha cothrom ann do chuid grèim fhaighinn air ticeadan bho Dhiciadain, le na ticeadan a' dol air a' mhargaidh fhosgailte aig 10:00m Dihaoine.

''Oidhche shònraiche''

Thuirt Calum Dòmhnallach bho Runrig nach b' urrainn dhaibh creidsinn cho luath 's a chaidh na tiocaidean a reic.

''Tha sinn cho toilichte gun tèid againn air oidhche a bharrchd a dhèanamh agus tha sinn a' gealltainn gun e oidhche a bhios ann nach dìochuimhnich daoine.''

'''S e oidhche spòrsail a bhios ann, ach a thuilleadh air dad eile, 's e oidhche shònraichte a bhios ann airson soraidh slàn a ràdh.''

Thuirt Les Kidger, Stiùiriche LCC Live, a tha a' cur na cuirme mu dheireadh air dòigh, gu bheil iad a' tuigsinn gur e briseadh dùil a bh' ann do mhòran nuair nach d' fhuair iad tiocaidean 'son cuirme oidhche Shathairne.

''Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh gus oidhche a bharrachd a chur air dòigh, agus le taic bho Runrig agus Comhairle Shruighlea, tha sinn toilichte gum bi sin a-nis comasach.''

Comharraichidh na cuirmean-ciùil na tha Runrig air a dhèanamh thar na 45 bliadhna mu dheireadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo