Misneachd a thaobh turasachd na h-Alba

Glen Docherty Image copyright Steve Carter

Tha dùil gum fàs gnìomhachas na turasachd ann an Alba anns na bliadhnaichean ri thighinn, a rèir rannsachaidh ùir.

Sheall sgrùdadh a chaidh a dhèanamh air 400 gnìomhachas, le Caidreachas Turasachd na h-Alba, gu bheil misneachd aig a' mhòr-chuid aca mu na bliadhnaichean ri teachd.

Ach, a dh'aindeoin 's gun robh seusan soirbheachail aig cuid am-bliadhna, sheall sgrùdadh gu bheil dragh air feadhainn mu chosgaisean a' dol suas.

Thuirt iad gun robh iad am beachd airgead a chur ris na gnìomhachasan aca thairis air an ath-thrì bliadhna. Ach, aig a' cheart àm, thuirt mu chairteal dhiubh gun robh iad a' smaointinn gun deadh na prothaidean aca sìos.

Am measg eile, bha dragh air cuid mu bhuaidh Bhrexit agus feadhainn eile ag ràdh gun robh ceist mu dhara referendum an Alba cuideachd a' cur iomagain orra.

Tha gnìomhachas na turasachd luach £11bn sa bhliadhna do dh'Alba agus a' toirt cosnaidh do 217,000 neach.