Rannsachadh air siostaman IT Ospadal an Ràthaig Mhòir

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha rannsachadh a' dol gus dearbhadh carson a dh'fhàilig siostaman IT aig Ospadal an Ràthaig Mhòir, an Inbhir Nis, Diluain.

Thuirt Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gur e tuil air làr ìosal den ospadal a rinn milleadh air an t-siostam choimpiutaireachd aca.

Chaidh cha mhòr ceud obair-lannsa a chur dheth.

Thuirt Bòrd na Slàinte gun robh euslaintich sàbhailte, ach thuirt iad gun deach buaidh a thoirt air aithisgean agus toraidhean bho roinn X-ray an ospadail, agus na deuchainnlannan.

B' fheudar do luchd-obrach an ospadail plana-taic, a bha stèidhichte air pàipear, a chleachdadh fhad 's a bha na siostaman briste.

Thuirt am BPA Tòraidheach Gàidhealach Dòmhnall Camshron gu bheil e an dòchas gun tèid rudeigin a dhèanamh le Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gus nach tachair a leithid a-rithist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo