Leòdhasaich ag iarraidh peanasan nas cruaidhe

Leòdhas is Both Fhleisginn Image copyright Dylan Macphee
Image caption Tha Camanachd Leòdhais airson is gum bi sgiobaidhean a' tighinn a Shiabost gu cunbhalach.

Tha Camanachd Leòdhais air gluasad a chur air adhart is iad ag iarraidh peanas nas motha air clubaichean a tha a' tarraing a-mach à geamaichean.

Tha dragh air a' chluba mu cho bitheanta 's a tha seo a' fàs.

Tha iomagain orra mun bhuaidh air iomain ann an Leòdhas, is iad ag ràdh cuideachd gu bheil seo a-nise a' dìmeas air farpaisean Chomann na Camanachd.

Thuirt na Leòdhasaich gu bheil iad a' gabhail ris gur e dùbhlan a th' ann uaireannan do chlubaichean a dhol a Leòdhas.

Tàire

Thuirt iad, ge-tà, gun robh seusan 2017 gu sònraichte doirbh, is cuid de chlubaichean ag ràdh gu fosgailte nach robh iad airson siubhail.

Thug na Leòdhasaich taing dha na sgiobaidhean a bhios a' siubhal gan cluiche, ach tha ag ràdh gu bheil cunnart ann a-nise gun tèid maill a chur air an obair aca iomain a leasachadh anns na h-eileanan mura h-eil geamaichean aca aig an taigh gu cunbhalach.

A bharrachd air an t-suidheachadh aca fhèin, tha na Leòdhasaich ag ràdh gun robh, thuige seo, 13 geamaichean ann an Lìog Tuath 2 am-bliadhna far an do tharraing sgioba a-mach.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Uisdean MacIllinnein a' mìneachadh a' phlana a th' aig Camanachd Leòdhais.

Tha seo ann tric, tha iad ag ràdh, le sgiobaidhean aig bonn na lìge a' tarraing à geamaichean an aghaidh feadhainn aig a' mhullach, rud a tha a' toirt buaidh mhòr air an lìog.

'S e cnag na cùise, a rèir nan Leòdhasach, gu bheil sgiobaidhean a tha a' dèanamh oidhirp geamaichean a chluich a' fulang, seach an fheadhainn a tha a' tarraing a-mach à geamaichean, is gu bheil farpaisean a' call chreideis.

Aig an ìre seo, gheibh an sgioba a bha deònach cluiche 2 phuing, is ma tha sgioba a' tarraing à geama 3 tursan ann an seusan, tha càin £100 a' dol orra.

Tha ceistean ann a bheil a' chàin sin ga cur an sàs.

Peanas

'S e am moladh a th' aig na Leòdhasaich gun tèid an 2 phuing dhan sgioba nach do tharraing a-mach às a' gheama, agus a bharrachd air sin gun cailleadh an sgioba a tharraing a-mach 1 phuing cuideachd.

Bheireadh seo buaidh air Lìog Tuath 2 is Lìog Deas 2, is bhiodh e na bu choltaiche ris na lìogan eile le peanas phuing.

Bidh na Leòdhasaich a-nise ag amas air taic fhaighinn bho chlubaichean eile is iad airson an gluasad a chur air beulaibh coinneimh bhliadhnail Chomann na Camanachd.

Bidh feum aca air mòr-chuid de 75% aig a' choinneimh gus an gluasad a chur troimhe.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile