"Misneachd" mu mhurt Inbhir Narann

Alasdair MacUilleam Image copyright Other

Thuirt fear a bha uair ag obair aig Scotland Yard gu bheil dòchas ann fhathast gun tèid fuasgladh fhaighinn dha cùis mhuirt Inbhir Narann.

Tha 13 bliadhna ann bho chaidh Alasdair MacUilleim a mhurt sa bhaile.

Chaidh losgadh air a' bhancair, 30, air stairsnich an taighe aige fhèin air an 28mh den t-Samhain 2004.

Ged a chaidh an gunna a lorg ann an drèana sa bhaile san Dùbhlachd 2004, cha deach duine a dhìteadh a-riamh airson a' mhuirt.

Bha Peadar Bleksley na fhear-sgrùdaidh aig àrd-ìre aig Scotland Yard, is tha companaidh bhrathaidh phrìobhaideach aige a-nise.

Tha e a' tadhal air Inbhir Narann an t-seachdain seo gus a' chùis a rannsachadh.

Ùine

Tha Mgr Bleksley nach e suidheachadh neo-àbhaisteach a th' ann a bhith a' faighinn fuasgladh ann an cùis mar seo bliadhnaichean às dèidh dha murt a bhith ann.

Thuirt e gum bi e a' bruidhinn ri daoine sa bhaile is e a' feuchainn ri faighinn a-mach carson a chaidh Mgr MacUilleim a mhurt.

Ma gheibhear freagairt dhan cheist sin, thuirt e, bidh cothrom nas fheàrr ann dearbhadh cò rinn am murt.

"Tràth san rannsachadh aca thuirt na Poilis nach robh fios aca dè bha air cùl a' mhuirt", thuirt Peadar Bleksley.

"Tha mise air a bhith a' leantainn seo bho thùs, agus anns na beagan làithean mu dheireadh tha mi air loidhne a lorg a dh'fheumas mi rannsachadh tuilleadh.

"Tha mi misneachail, ge-tà, gun tèid agam air argamaid ùr a chur air adhart - nach deach a rannsachadh roimhe - air carson a chaidh Alasdair MacUilleim a mhurt", thuirt e.